GF050i05 HO RÒ THA MI FO AITHREACHAS Bàrd: Alex Steele Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean Ho rò tha mi fo aithreachas Mun ghamhainn rinn mi cheannach bhuat Alasdair Grànnda sìol na mèirle Thug [an tràill mo?] char asam. Chuir thu orm bhith slaightearachd Gun gamhainn ruadh 's gum b' oillte [leat/agad?] 'S ioma ploc a chuir mi 'n àirde Ann am màs an oillt'-fhear mhòir. Thug mi còrr is ràithe Ga bhiathadh air buntàta Madainn dha na chaidh mi suas Gun d'fhuair mi cruaidh sa bhàthaich e. Ach chan eil h-aon sa phrovince seo A h-aon a tha cho leòmach leat 'S tu mar [bhòcan/phocan?] làn de dh'fheusaig Feuchainn ris a' rògaireachd. Thug mi bliadhna còmhla riut Ag ionnsachadh na rògaireachd 'S ged bhithinn còmhla leat gu sìorraidh Chan ionnsaichinn dòigheil i. Chailleadh làir mo nàbaidh-sa Is dh'fhalbh thu air a [shàileadh/ shàilleabh?]-se Thug thu dhith na cruidhean cinn Is gun d' chuir thu air a' làiridh iad. Chan fhaod do bhean pòg thoirt bhuat Ri faidead nan ròineagan Frioghain liath' a' fàs fo d' bheul 'S gun dèanadh 'ad d' fhiacaill gròbadh dhut.