Back to recordings
O hò hì hiùraibh o, chall èileadh chall o
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF050i04 O HÓ HÌ HIÙRAIBH O
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
O hó hì hiùraibh o,
Chall éileadh chall o,
O hó hì hiùraibh o.
‘S ann air latha glé fhuar
‘S ann air latha glé fhuar
Frasan meallach bhon tuath
Chaidh mo leannan air cuan
Leis a’ bhàta chaol ruadh
‘S ann ar naidheachd DiLuain
Gun do bhàthadh mo luaidh
Chaidh am bàta fon stuadh
‘S e an iomain a’ chuain
‘S tha do chàirdean fo ghruaim
‘S iad a’ faireachadh truagh
Fhuair i cuimhneachan buan
‘S tric a slighe ri gruaidh
Tric a slighe ri gruaidh