GF050i04 O HÓ HÌ HIÙRAIBH O Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean O hó hì hiùraibh o, Chall éileadh chall o, O hó hì hiùraibh o. ‘S ann air latha glé fhuar ‘S ann air latha glé fhuar Frasan meallach bhon tuath Chaidh mo leannan air cuan Leis a’ bhàta chaol ruadh ‘S ann ar naidheachd DiLuain Gun do bhàthadh mo luaidh Chaidh am bàta fon stuadh ‘S e an iomain a’ chuain ‘S tha do chàirdean fo ghruaim ‘S iad a’ faireachadh truagh Fhuair i cuimhneachan buan ‘S tric a slighe ri gruaidh Tric a slighe ri gruaidh