Ged Tha Mi gun Chrodh gun Aighean
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF047i02 GED THA MI GUN CHRODH GUN AIGHEAN
Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie (Dan N.) MacLellan
[Séist:] 'S Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich agam;
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gheobh mi fhathast òigear grinn.
Gura mise tha fo mhulad,
Mi leam fhìn an seòmar mullaich;
Leannan a bha agams' an-uiridh,
'S ann tha an-diugh rium cùl a chinn.
Gur h-e mise tha fo éislein,
Airtneulach a' dol 'nam éideadh,
Chaidh mo leannan do Dhùn Èideann
Gu dé feum dhomh bhi 'ga chaoidh?
Gura h-iomadh rud—gaol 's tuilleadh
Sheòlas a' long mhór a Lunnainn
Dh'aindeoin a dh'fhalbhas na [dh'fhuras/dh'fhuiricheas?]
Chì mi thu mun cuir thu snaidhm.
'S ged tha mi— [BREAK IN TAPE]
'S gura h-e mo gaol an t-òigear
[Òg-fhear/Oifigear?] a' bhroillich bhòidhich
A dh'fhàg mi cho fad 'nam ònar
Thu bhith giùlan còta Rìgh.
Ged tha mi gun chrodh air buailidh
Gun chrodh druimfhionn, gun chrodh buailean
Gheobh mi fhathast air mo chluasag
Òigear suairce do Chloinn Nìll.
Ged tha mi gun chrodh, gun chaoraich
Chan eil mi gun mhais' 'nam aodann
Dhèanainn breacan a bhiodh gaolach
Dhèanainn aodach a bhiodh grinn.
Fhear a thàinig a-nall a Suaineart
Bu tu fhéin a' sàr-dhuin'-uasal
Gheobhainn cadal leat gun chluasag
Ó cho fuar 's gum biodh an oidhch'.
Fhear—Fhir a dhìreas am bealach
Giùlain bhuamsa mìle beannachd
Faodaidh thu innse 'gam leannan
Gum bheil mi laighe leam fhìn.
Fir a dh'imicheas far bruachan,
Giùlain mìle beannachd bhuamsa
Dh'ionnsaidh òigeir a' chùil dualaich,
Ged nach d' fhuair mi e dhomh fhìn.
Notes (fieldnotes):
"OLD VERSES"
Team notes:
The placenames Lochabar and Sunart are mentioned in this track.