GF047i02 GED THA MI GUN CHRODH GUN AIGHEAN Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie (Dan N.) MacLellan [Séist:] 'S Ged tha mi gun chrodh, gun aighean, Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich agam; Ged tha mi gun chrodh, gun aighean, Gheobh mi fhathast òigear grinn. Gura mise tha fo mhulad, Mi leam fhìn an seòmar mullaich; Leannan a bha agams' an-uiridh, 'S ann tha an-diugh rium cùl a chinn. Gur h-e mise tha fo éislein, Airtneulach a' dol 'nam éideadh, Chaidh mo leannan do Dhùn Èideann Gu dé feum dhomh bhi 'ga chaoidh? Gura h-iomadh rud—gaol 's tuilleadh Sheòlas a' long mhór a Lunnainn Dh'aindeoin a dh'fhalbhas na [dh'fhuras/dh'fhuiricheas?] Chì mi thu mun cuir thu snaidhm. 'S ged tha mi— [BREAK IN TAPE] 'S gura h-e mo gaol an t-òigear [Òg-fhear/Oifigear?] a' bhroillich bhòidhich A dh'fhàg mi cho fad 'nam ònar Thu bhith giùlan còta Rìgh. Ged tha mi gun chrodh air buailidh Gun chrodh druimfhionn, gun chrodh buailean Gheobh mi fhathast air mo chluasag Òigear suairce do Chloinn Nìll. Ged tha mi gun chrodh, gun chaoraich Chan eil mi gun mhais' 'nam aodann Dhèanainn breacan a bhiodh gaolach Dhèanainn aodach a bhiodh grinn. Fhear a thàinig a-nall a Suaineart Bu tu fhéin a' sàr-dhuin'-uasal Gheobhainn cadal leat gun chluasag Ó cho fuar 's gum biodh an oidhch'. Fhear—Fhir a dhìreas am bealach Giùlain bhuamsa mìle beannachd Faodaidh thu innse 'gam leannan Gum bheil mi laighe leam fhìn. Fir a dh'imicheas far bruachan, Giùlain mìle beannachd bhuamsa Dh'ionnsaidh òigeir a' chùil dualaich, Ged nach d' fhuair mi e dhomh fhìn.