Triùir Mhac 's a' Chraobh Ubhail
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF040i04N TRIÙIR MHAC 'S A' CHRAOBH UBHAIL
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Naidheachd a chuala mi aig fear Ruairidh MacNìll, nach maireann. Bhiodh e 'g innse dhuinn naidheachdan beaga, gasta mar sin. Agus 's ann - naidheachd a bh' air an triùir bhràithrean agus a' chraobh ubhail.
Tha e coltach, nuair a chaochail an athair, dh' fhàg e 'n triùir ghillean a bha seo, is be gu dé fortan no 'n oighreachd a chaidh fhàgail, chaidh an gnothach a roinn air dòigh air choireigin, ach bha craobh ubhail a bha seo, bha 'ad 'ga cunntais gu robh i, tha mi cinnteach, fiachail, agus dh'fheumte dheanamh suas có aig am biodh a' chraobh.
Agus chaidh 'ad a' sin gu fear-lagh a bh' anns a, faisg air a Rìgh agus bha 'ad airson an gnothach a' riarachadh mu dheidhinn an craobh ubhail. Agus dh'fhaighneachd e do dh'fhear dhiubh gu dé chuid dhe 'n chraobh a bha esan ag iarraidh. Is thuirt e gu robh esan ag iarraidh na bha fo 'n talamh dhi is na bha os cionn an talamhainne dhi.
Is chaidh sin a sgrìobhadh sìos. Dh'fhaighneachd e sin dhe 'n fhear eile, gu dé bha esan ag iarraidh dhi. Is thuirt e gu robh e 'g iarraidh na bha sin agus, agus na bha ùr agus crìon dhi.
Agus dh'fhaighneachdadh a' sin dha 'n fhear eile gu dé bha esan ag iarraidh, agus bha esan ag iarraidh na bha sean agus òg dhi.
Thuirt am fear-lagh, an fear comhairle a bh' ann, gun robh e duilich dhà-san an gnothadh a chuir air saod, gu feumadh e nist a faighinn a-mach có fear aca a b' aosta.
Agus thòisich a h-uile fear air innse aois fhéin. Agus bha a h-uile fear cho sean 's cho sean. Agus thuirt a' fear-lagh nach cual' esan riamh a bhith bruidhinn air feadhainn a bha cho sean sin ach Methusala, ach gu feumadh 'ad a dhol a-mach, dhol dh'fhaighinn a-mach air dòigh eile. Agus thuirt e gura h-e a' fear bu leisge dhiubh, gur ann dha a dh'fheumte a' chraobh a thoirt.
Agus thòisich 'ad air innse, is o, bha - bha 'ad cho leisg, chan eil cuimhn' a'm an-dràst' cho leisg 's a bha dithist dhiubh idir, ach bha fear dhiubh cho leisg, bha e cantail, 's ged a bhiodh e na shìneadh air an ùrlar, 's gun tigeadh oiteag shoirbheas is thòisicheadh an t-suith air tuiteam a-nuas ás an t-simileir, cha leigeadh a leisge leas a shùilean a dhùnadh gus an t-suith a chumail asda. Uill bha - tha sin leisg gu leòr.
Ach o'n a bha 'ad uileadh 'tighinn suas car air an aon réir, cha robh dòigh air an gnothach a riarachadh. Ach co-dhiù, 's ann a dh'fheumadh 'ad an uair sin fhaighinn a-mach air có an fhear bu tapaidhe dhiubh. Agus dh'inns a' chiad fhear a sgeul 's bha e fhéin gu math tapaidh, tha e coltach. Agus bha a' fear eile, air a dh'inns e a sgeul, bha esan cho tapaidh, 's gu seasadh e air druim an eich, agus an t-each a' falbh aig a luathas, agus cha tuiteadh e 's cha rachadh e air n-ais òirleach.
Is dh'fhaighneachd e sin dha 'n fhear eile gu dé a-niste cho tapaidh 's a bha esan. Is thuirt e ris, "Tha mise," os esan, "cho tapaidh agus nam biodh càs mar seo agam ri shuidheachadh, gu rachadh agam air a shuidheachadh ann am beagan mhionaidean có gheibheadh, có bhuanaicheadh an càs."
"Is leatsa a' chraobh," os a' fear-lagh. "Is tusa a's tapaidhe dhiubh fhathast."
Agus sin mar a fhuaireadh roinn cò leis a bha a' chraobh ubhail.
Notes (fieldnotes):
Source: Ruairidh MacNìll