Òran na h-Aoiseadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF037i06 ÒRAN NA H-AOISEADH
Beulaiche: Niall Alaidh Alasdair | Neil Allan MacLean
O 's e 'n aois i, o 's e 'n aois i,
Dh' fhàg mi slaodach seach mar b' àbhaist;
Gur e 'n aois a mhill mo shùilean,
Is chuir mo ghlùinean cal a' rànaich.
Falt mo chinn a rinn mo mhealladh,
Is e na sgallam tana, grannda;
Cuairteag bheag air cùl mo chlaiginn,
'S ann 'on ghealach dh'fhalbh am patran.
Ma bhios mi ùine bheag fo fheusaig,
'S adhbhar sgiamhaidh do mo chàirdean;
A h-uile ròineag dhith air liathadh,
'S cha dean siaban sìon nas fhéarr i.
Ma bhios mi ùine bheag fo fheusaig,
'S adhbhar sgiamhaidh do mo chàirdean;
A h-uile ròineag dhith air liathadh,
'S cha dean siaban sian nas fhéarr i.
Canaidh cuid dhiubh rium gu bleideil,
Càit an-diugh gu 'm bheil do rasar?
Faigh gun dàil i, is biodh i deiseil,
An ainm a Fhreasdail, shave a-màireach.
Ach bha uaireigin dhe 'm shaoghal,
Bha mi nam dhude anns an àite;
Le bow-tie is collar dubailte,
Mi nam Dhiuc air là na Sàbaid.
Ach a-nist tha 'n aois 'nam aodann,
Rocan, aognaidh, preasach, grannda;
Cha dean mi cabhaig gun saothair,
Bha uair dhe 'n t-saoghail 's ruithinn làidir.
Ach fanaidh mi far bheil na Dòmhnallaich,
Anns an dùthaich 's an deach m' àrach;
Far 'm bheil obair nàdur dlùth dhomh,
Air feadh buidhean agus blàthan.