GF037i06 ÒRAN NA H-AOISEADH Beulaiche: Niall Alaidh Alasdair | Neil Allan MacLean O 's e 'n aois i, o 's e 'n aois i, Dh' fhàg mi slaodach seach mar b' àbhaist; Gur e 'n aois a mhill mo shùilean, Is chuir mo ghlùinean cal a' rànaich. Falt mo chinn a rinn mo mhealladh, Is e na sgallam tana, grannda; Cuairteag bheag air cùl mo chlaiginn, 'S ann 'on ghealach dh'fhalbh am patran. Ma bhios mi ùine bheag fo fheusaig, 'S adhbhar sgiamhaidh do mo chàirdean; A h-uile ròineag dhith air liathadh, 'S cha dean siaban sìon nas fhéarr i. Ma bhios mi ùine bheag fo fheusaig, 'S adhbhar sgiamhaidh do mo chàirdean; A h-uile ròineag dhith air liathadh, 'S cha dean siaban sian nas fhéarr i. Canaidh cuid dhiubh rium gu bleideil, Càit an-diugh gu 'm bheil do rasar? Faigh gun dàil i, is biodh i deiseil, An ainm a Fhreasdail, shave a-màireach. Ach bha uaireigin dhe 'm shaoghal, Bha mi nam dhude anns an àite; Le bow-tie is collar dubailte, Mi nam Dhiuc air là na Sàbaid. Ach a-nist tha 'n aois 'nam aodann, Rocan, aognaidh, preasach, grannda; Cha dean mi cabhaig gun saothair, Bha uair dhe 'n t-saoghail 's ruithinn làidir. Ach fanaidh mi far bheil na Dòmhnallaich, Anns an dùthaich 's an deach m' àrach; Far 'm bheil obair nàdur dlùth dhomh, Air feadh buidhean agus blàthan.