Back to recordings
Òran do Sheòras Chaluim
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF037i03 ÒRAN DO SHEÒRAS CHALUIM
Beulaiche: Neil Daniel Neil | Neil MacKay
Bàrd: Dòmhnall Eachainn | Donald
Nuair a ghoid 'ad a' chearc bhàn,
Is a' gaillean a bhith 'n [lasach/ghlasach?];
Cha do dh'ith mi a' leithid riamh,
Ach cearc riamhach bean Eachainn.
[Séist:] Seòras Donn, bhòidheach donn,
Seòras Donn, thill e dhachaidh;
Gruagach òg a' chùil duinn,
Dh'éireadh m' inntinn ri fhaiceil.
'S ann cho colach ris a' bhrùid,
O, tha grunnd ort mar [?];
Tha thu cho colach ás an t-sròin,
Ri muc mhór Dhòmhnaill Eachainn
'S ann cho colach ris a' chù,
Eadar cùl agus cladach;
Ged tha tombaca na do phìob,
Dh'iarr e pìos air na balaich.
Rinn e briogais dhut dhe 'n chlò,
Dhè 'n a sheòrsa b' fheàrr a bh' aca;
Cha robh greim ac' as an tòin,
Nach robh òirleach is cairteal.