GF037i03 ÒRAN DO SHEÒRAS CHALUIM Beulaiche: Neil Daniel Neil | Neil MacKay Bàrd: Dòmhnall Eachainn | Donald Nuair a ghoid 'ad a' chearc bhàn, Is a' gaillean a bhith 'n [lasach/ghlasach?]; Cha do dh'ith mi a' leithid riamh, Ach cearc riamhach bean Eachainn. [Séist:] Seòras Donn, bhòidheach donn, Seòras Donn, thill e dhachaidh; Gruagach òg a' chùil duinn, Dh'éireadh m' inntinn ri fhaiceil. 'S ann cho colach ris a' bhrùid, O, tha grunnd ort mar [?]; Tha thu cho colach ás an t-sròin, Ri muc mhór Dhòmhnaill Eachainn 'S ann cho colach ris a' chù, Eadar cùl agus cladach; Ged tha tombaca na do phìob, Dh'iarr e pìos air na balaich. Rinn e briogais dhut dhe 'n chlò, Dhè 'n a sheòrsa b' fheàrr a bh' aca; Cha robh greim ac' as an tòin, Nach robh òirleach is cairteal.