Ma phòsas mi cha ghabh mi 'n té mhór
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF036i03 MA PHÒSAS MI CHA GHABH MI 'N TÉ MHÒR
Beulaiche: Neil Daniel Neil | Neil MacKay
Bàrd: Neil MacQuarrie
[Séist:] Ma phòsas mi, cha ghabh mi 'n té mhór,
Ma phòsas mi, cha ghabh mi 'n té mhór;
Ma phòsas mi, idir cha ghabh mi 'n té mhór,
'S ro bheag an té dh'fhòghnas dhomhsa.
Cha ghabh mi 'n té fhada, cha ghabh mi 'n té àrd,
Ach [cutanach?] beag a bhios goirid on làr;
Cha leiginn-sa leas a dhol fad air a tòir,
Na uisge tro'n sàil mo bhrògan.
Fhuair mise maide bha dìreach a' fàs,
Bha 'n duilleag cho gorm ris a' ghuirmean as fheàrr;
Ma gheàrrar an-diugh i thig cuid ás a bàrr,
Nì brod a' chrann-snàth do Mhòrag.
Bha Iain MacGhill'Eathain ag ràidhinn a-raoir,
Gu fac' e fear geal 'tighinn mach ás a' choill';
Cha d'fhuair e cho faisg air 's gun deach e na chainnt,
'S e Innseanach a bh' ann is eòl' air.
Cha ghabh mi 'n té fhada cha tig i rium fhéin,
Nuair théid i dhan leabaidh bidh bogh' air a druim;
Nuair shìneas i casan, bidh 'n t-aodach 'gam dhìth,
'S bidh mise leam fhín 's mi reòthte.
Siubhad, Alec, tha 'n còrr—
Reference sources:
"Mo Nighean Donn’s Laghach Thu (My Brown-Haired Maiden, Lovable Are You)," Folksongs of Atlantic Canada from the Collections of MacEdward Leach, https://mmap.mun.ca/folk-songs-of-atlantic-canada/performances/510