GF036i03 MA PHÒSAS MI CHA GHABH MI 'N TÉ MHÒR Beulaiche: Neil Daniel Neil | Neil MacKay Bàrd: Neil MacQuarrie [Séist:] Ma phòsas mi, cha ghabh mi 'n té mhór, Ma phòsas mi, cha ghabh mi 'n té mhór; Ma phòsas mi, idir cha ghabh mi 'n té mhór, 'S ro bheag an té dh'fhòghnas dhomhsa. Cha ghabh mi 'n té fhada, cha ghabh mi 'n té àrd, Ach [cutanach?] beag a bhios goirid on làr; Cha leiginn-sa leas a dhol fad air a tòir, Na uisge tro'n sàil mo bhrògan. Fhuair mise maide bha dìreach a' fàs, Bha 'n duilleag cho gorm ris a' ghuirmean as fheàrr; Ma gheàrrar an-diugh i thig cuid ás a bàrr, Nì brod a' chrann-snàth do Mhòrag. Bha Iain MacGhill'Eathain ag ràidhinn a-raoir, Gu fac' e fear geal 'tighinn mach ás a' choill'; Cha d'fhuair e cho faisg air 's gun deach e na chainnt, 'S e Innseanach a bh' ann is eòl' air. Cha ghabh mi 'n té fhada cha tig i rium fhéin, Nuair théid i dhan leabaidh bidh bogh' air a druim; Nuair shìneas i casan, bidh 'n t-aodach 'gam dhìth, 'S bidh mise leam fhín 's mi reòthte. Siubhad, Alec, tha 'n còrr—