Back to recordings

Òran na Bà Riabhaich

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF034i13N ÒRAN NA BÀ RIABHAICH


Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean


Seann mhart—seann mhart a bh' air a' Chladaich a Tuath. Agus bha i 'dol a bhàsachadh agus bha móran dhe na daoine timcheall—timcheall oirre feuchainn an togadh iad i ach—rinn iad òran ma deoghainn. Agus seo agad ceathramh ás an òran:


'S thug mi turas—chaidh mi oidhche dhan an t-sabhail,
'S bha a casan sìnte;
Dh'aithnich mi gu robh am bàs ann,
Sguir i cnàmhadh cìrean.


'S thug mi coirc' is thug mi eòrn' dhith,
Is thug mi lòraidh fheur dhith;
'S nuair a bha e as an t-sabhal,
Cha do chnàmh i riamh e.

Notes (fieldnotes):
Fragment.

Team notes:
Cf. John Shaw, "Òran na Bà Riabhaich," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, September 17, 1980.

Alec MacLean
Badaig Mhór | Big Baddeck 17 recordings Faic pròifil | view profile