GF034i13N ÒRAN NA BÀ RIABHAICH Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean Seann mhart—seann mhart a bh' air a' Chladaich a Tuath. Agus bha i 'dol a bhàsachadh agus bha móran dhe na daoine timcheall—timcheall oirre feuchainn an togadh iad i ach—rinn iad òran ma deoghainn. Agus seo agad ceathramh ás an òran: 'S thug mi turas—chaidh mi oidhche dhan an t-sabhail, 'S bha a casan sìnte; Dh'aithnich mi gu robh am bàs ann, Sguir i cnàmhadh cìrean. 'S thug mi coirc' is thug mi eòrn' dhith, Is thug mi lòraidh fheur dhith; 'S nuair a bha e as an t-sabhal, Cha do chnàmh i riamh e.