Back to recordings

Cuilein donn, bòidheach donn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF034i08N CUILEAN DONN, BÒIDHEACH DONN


Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean
Bàrd: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald



[Séist:] Cuilean donn, bòidheach donn,
Cuilean donn, thill e dhachaidh;
Gruagach òg a chùil duinn,
Dh'éireadh m' inntinn ri fhaicinn.


Aig na balaich a bha spòrs,
Dh'fhalbh iad leis a' chù air ròp';
'S thug iad leo' feadh [a' bhuntàt'?],
'S dh'fheuch iad sràc air 'sa chlaigeann.


'S gur e Màiri leig i leum,
Nuair a leum e air a' stairsneach;
An cuilean bha marbh an-dé,
Tha 'n-diugh fhéin air tilleadh dhachaidh.


'S thuirt Dan Angus "Tha mi seo,
'S tha mi eòlach air [?];
Cùm thusa ceann a' ròp',
'S cha bhi 'n deò ann glé fhada."


'S chaidh e sìos air a ghlùn,
'S fhuair a shùilean gu h-aighear;
Thàrr e 'n entry air gach [chùl?],
Leig e [smùid 'ad?] mu chlaigeann.


'S thug 'ad sùil air gach taobh,
Feuch a' robh a' cù a' sileadh fala;
Feumaidh gun deach e 'na shùil,
Cha robh fiù agus mark air.


'S gun a bhith 'g iarraidh [?] null,
'S fear nach [dhliùltas?] na [sgapas?];
Cha bhi cù air a' chùl,
Aig fear dhiùltas a [thagsadh?].

Alec MacLean
Badaig Mhór | Big Baddeck 17 recordings Faic pròifil | view profile