GF034i08N CUILEAN DONN, BÒIDHEACH DONN Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean Bàrd: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald [Séist:] Cuilean donn, bòidheach donn, Cuilean donn, thill e dhachaidh; Gruagach òg a chùil duinn, Dh'éireadh m' inntinn ri fhaicinn. Aig na balaich a bha spòrs, Dh'fhalbh iad leis a' chù air ròp'; 'S thug iad leo' feadh [a' bhuntàt'?], 'S dh'fheuch iad sràc air 'sa chlaigeann. 'S gur e Màiri leig i leum, Nuair a leum e air a' stairsneach; An cuilean bha marbh an-dé, Tha 'n-diugh fhéin air tilleadh dhachaidh. 'S thuirt Dan Angus "Tha mi seo, 'S tha mi eòlach air [?]; Cùm thusa ceann a' ròp', 'S cha bhi 'n deò ann glé fhada." 'S chaidh e sìos air a ghlùn, 'S fhuair a shùilean gu h-aighear; Thàrr e 'n entry air gach [chùl?], Leig e [smùid 'ad?] mu chlaigeann. 'S thug 'ad sùil air gach taobh, Feuch a' robh a' cù a' sileadh fala; Feumaidh gun deach e 'na shùil, Cha robh fiù agus mark air. 'S gun a bhith 'g iarraidh [?] null, 'S fear nach [dhliùltas?] na [sgapas?]; Cha bhi cù air a' chùl, Aig fear dhiùltas a [thagsadh?].