Òran a' Chùil (le ro-ràdh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF033i02i1N ÒRAN A' CHÙIL (LE RO-RÀDH)
Beulaiche: Jonaidh Eàirdsidh Dhòmhnaill Bhig | John Joe MacKenzie
Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais | Hugh Francis MacKenzie
Rinn Eóghann MacChoinnich, nach maireann, òran do 'n chùl nuair a bha e 'g obair – bha e 'g obair na stàilinn am Baile Shuidni. Chan eil móran dheth agamsa air chuimhne ach trì no ceithir do cheathramhan a' siud 's a' seo. Fear aca 's e:
'S e àite cosnaidh mi-nàdar
An obair na stàilinn
Gu bheil an teas ann cho gàbhaidh
'S gum brist e slàint' a' fear treun.
B' e mo mhiann is mo dhùrachd
Bhith air fearainn 's an dùthaich
On a dh'fhàg mis' an cùl ud
Cha d' dh'éirich sunnd air mo nàdar.
'S gur e mis' tha fo éislein
'S a' mhadainn 's mi 'g éirigh
Fuaim na dùdach 'gam éigheachd
Cha d' thug i spéis ann 'am nàdar.
Na fearainn bha brèagha
Nuair bha daoine ri gnìomh ann
An-diugh chan eil rian orr'
A' choill' a' lìonadh nam pàircean.