Back to recordings

Spruis Dhubh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF154i19 SPRUIS DHUBH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



[Joe Neil MacNeil:] Turas eile, thàinig an t-uachdaran a bhith coimhead fairis air obair rathaide dh'ionnsaigh an taighe aig', agus 'san àm a bha sin 's e fiodh a bha dol 'san drochaidean beaga uile, a bhiodh gach drochaid bheag tarsainn a' rathad agus bhiodh i air dèanamh le fiodh le dà mhaide ghairbh air a chur gu h-ìseal ann an clais a bha 'ad a' cladhach tarsainn a' rathad agus maidean beaga air an cur bho thaobh gu taobh air a' sin cros orra agus bha an uair sin maidean fada a' dol air a-réir na ciad maidean ach 's e maidean caol a bha gu dol ann. Agus thuirt an t-uachdaran ris-san bhon a bha 'n drochaid seo an taice ris a' [rathad?] aige fhéin no ma dh'fhaoite gu robh i mu choinneamh air an fhearann aige fhéin, e fhéin a tharraing a-mach a' fiodh agus an drochaid seo dhèanamh 's gheobhadh e pàigheadh airson an fhiodh agus pàigheadh airson na h-obrach. Tha mi cinnteach nach biodh am pàigheadh ach glé bheag. Thuirt e ris gu cinnteach gur e spruis dhubh chuireas tu ann an còmhdadh na drochaid. Co-dhiù bha 'ad an deòghaidh coille a losgadh a bhiodh 'ad—bhiodh 'ad a' losgadh coille 'son coilltichean dubh; far a bhiodh 'ad a' cur bhuntàta 's a' réiteachadh àite 'son—airson fearann a réiteachadh gu biadh na spréidh. Agus tharraing esan a-nuas cunntais dhe na maidean a bha sin a ruith an tein' orra agus chuir e an còmhdadh sin air an drochaid. Nuair a thàinig an t-uachdaran a bha am fear a' coimhead fairis air an obair a-nuas agus chunnaic e rud a bh' ann; chaidh e suas a throd ri Diarmaid mu dheoghainn seo agus, "Nach do shaoil leam," ars' esan, "Gun do dh'iarr mi ort còmhdadh de spruis dhubh a chuir air an—air an drochaid sin?"
"An dà," ars' esan, Diramaid, "Coma leat. Cha robh siud agad, fiodh, spruis cho dubh 's a bha 'sa choillidh agam."

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile