GF033i02i1N ÒRAN A' CHÙIL (LE RO-RÀDH) Beulaiche: Jonaidh Eàirdsidh Dhòmhnaill Bhig | John Joe MacKenzie Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais | Hugh Francis MacKenzie Rinn Eóghann MacChoinnich, nach maireann, òran do 'n chùl nuair a bha e 'g obair – bha e 'g obair na stàilinn am Baile Shuidni. Chan eil móran dheth agamsa air chuimhne ach trì no ceithir do cheathramhan a' siud 's a' seo. Fear aca 's e: 'S e àite cosnaidh mi-nàdar An obair na stàilinn Gu bheil an teas ann cho gàbhaidh 'S gum brist e slàint' a' fear treun. B' e mo mhiann is mo dhùrachd Bhith air fearainn 's an dùthaich On a dh'fhàg mis' an cùl ud Cha d' dh'éirich sunnd air mo nàdar. 'S gur e mis' tha fo éislein 'S a' mhadainn 's mi 'g éirigh Fuaim na dùdach 'gam éigheachd Cha d' thug i spéis ann 'am nàdar. Na fearainn bha brèagha Nuair bha daoine ri gnìomh ann An-diugh chan eil rian orr' A' choill' a' lìonadh nam pàircean.