Back to recordings

Frolig na Ban-rìghe

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF031i07N FROLIG NA BAN-RÌGHE


Beulaiche: Ruairidh Beag mac Aonghais Eóghainn Iain | Roddy MacInnis



[Sèist]: 'S e cnuic is glinn bu bhòidhche leinn
'S e cnuic is glinn a' Bhràighidh,
Mun tric bha sinn ri mànran binn,
'S e comunn ghrinn a b' fheàrr leinn.


An cuala sibhs' mun fhroilig
Bha 'n àite na Bànrighinn?
Air Oidhche Shamhna bha i ann,
'S bha stampadh ann bha gàbhaidh.


Bha Eàirdsidh 'ic 'Ill Fhaolain ann,
E fìdhlearachd mar b' àbhaist.
Nam bithinn air bhith ann mi fhéin,
Gun sheinn mi ruidhle làmh ris.


Bha mac Alasdair Mhòir ann,
Gille mòr 's e làidir.
Dh'fhiathaich e na bh' air an danns
Cha robh aon a thogadh làmh ris.


Ma nì sibh froilig tuilleadh ann
Bheiribh ann ar càirdean;
Bheiribh ann Iain Dhòmhnaill,
Is Dòmhnall a tha làmh ris.


Bha na daoine fo ghruaim
An uair nach fhac' [am banrigh/am bairne ?]
B'fheudar dhaibh a cur an darna taobh,
'S gu robh na [daoine sàbhailt'?]




Notes (fieldnotes):
Song about a dance in River Denys.

Reference sources:
Guthan Prìseil, ed. Anne Landin (2009), p. 39

Roddie MacInnis
Bràigh na h-Aibhneadh | Glendale 12 recordings Faic pròifil | view profile