GF031i07N FROLIG NA BAN-RÌGHE Beulaiche: Ruairidh Beag mac Aonghais Eóghainn Iain | Roddy MacInnis [Sèist]: 'S e cnuic is glinn bu bhòidhche leinn 'S e cnuic is glinn a' Bhràighidh, Mun tric bha sinn ri mànran binn, 'S e comunn ghrinn a b' fheàrr leinn. An cuala sibhs' mun fhroilig Bha 'n àite na Bànrighinn? Air Oidhche Shamhna bha i ann, 'S bha stampadh ann bha gàbhaidh. Bha Eàirdsidh 'ic 'Ill Fhaolain ann, E fìdhlearachd mar b' àbhaist. Nam bithinn air bhith ann mi fhéin, Gun sheinn mi ruidhle làmh ris. Bha mac Alasdair Mhòir ann, Gille mòr 's e làidir. Dh'fhiathaich e na bh' air an danns Cha robh aon a thogadh làmh ris. Ma nì sibh froilig tuilleadh ann Bheiribh ann ar càirdean; Bheiribh ann Iain Dhòmhnaill, Is Dòmhnall a tha làmh ris. Bha na daoine fo ghruaim An uair nach fhac' [am banrigh/am bairne ?] B'fheudar dhaibh a cur an darna taobh, 'S gu robh na [daoine sàbhailt'?]