Òran a' Phiognaig
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF031i04 ÒRAN A' PHIOGNAIG
Beulaiche: Ruairidh Beag mac Aonghais Eóghainn Iain | Roddy MacInnis
Tar-Sgrìobhadh: An Cliath Clis Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
Bàrd: Sìne Heanaidh | Jane Henrietta MacInnis
[Séisd:] Ìrinn àrainn iù ho rò,
Ìrinn àrainn iù ho rò,
Ìrinn àrainn iù ho rò,
Seinn othail mhór a' phiognaig.
'S tha mo dhuine-s' an diugh tinn,
Dh'fhàg e mis' a' seo leam fhìn;
'S ged a ghabhadh esan spree,
Gur ann bho 'n tìr a mhiss-eadh e.
'S ged a bhiodh e òg 'na shlàint'
Chuireadh e sealladh air pàisd';
Chuireadh e 'n t-sabaid 'na tàmh;
'S iomadh là a thachair dha.
Tha mi null air bhàrr a' bhòrd,
Far robh bradan ann 's gach seòrs';
'S mi cho aineolach 'nam dhòigh,
'S e mo chrog a ghabh mi dha.
'S gad a bhiodh mo sporan làn,
Gheobhainn-s' meas cho luath ri càch;
Nòtaichean 's airgead bàn,
A dheanadh fuaim 's gliogadaich.
'S bha na waiters cho trang,
Cha bhruidhneadh iad rium neo-taing;
Thuirt mi fhìn ri té bha thall,
Gu robh mi call mo mhisneach.
'S bha na waiters cho trang,
Betsy Mhór ac' air an ceann;
Carson a bhiodh gnothaichean gann?
Cha b' e àm an earraich e.
'S bha iad ann às gach àit',
Aonghus Cìobair 's MacAoidh,
Dà Mhac'Illfhinnein agus Sam;
'S càit' an d'fhàg sibh Jamieson?
Notes (fieldnotes):
Sìne Heanaidh made this comical song about a picnic she arranged to raise funds for her husband who was in poor health. In the lyrics she pretends that everyone important from the area was at the picnic, whether present or not.
Reference sources:
An Cliath Clis, "Òran a' Phiognaig," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20250716074821/http://www.androchaid.ca/1-%C3%B2ran-phiognaig