GF031i04 ÒRAN A' PHIOGNAIG Beulaiche: Ruairidh Beag mac Aonghais Eóghainn Iain | Roddy MacInnis Tar-Sgrìobhadh: An Cliath Clis Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) Bàrd: Sìne Heanaidh | Jane Henrietta MacInnis [Séisd:] Ìrinn àrainn iù ho rò, Ìrinn àrainn iù ho rò, Ìrinn àrainn iù ho rò, Seinn othail mhór a' phiognaig. 'S tha mo dhuine-s' an diugh tinn, Dh'fhàg e mis' a' seo leam fhìn; 'S ged a ghabhadh esan spree, Gur ann bho 'n tìr a mhiss-eadh e. 'S ged a bhiodh e òg 'na shlàint' Chuireadh e sealladh air pàisd'; Chuireadh e 'n t-sabaid 'na tàmh; 'S iomadh là a thachair dha. Tha mi null air bhàrr a' bhòrd, Far robh bradan ann 's gach seòrs'; 'S mi cho aineolach 'nam dhòigh, 'S e mo chrog a ghabh mi dha. 'S gad a bhiodh mo sporan làn, Gheobhainn-s' meas cho luath ri càch; Nòtaichean 's airgead bàn, A dheanadh fuaim 's gliogadaich. 'S bha na waiters cho trang, Cha bhruidhneadh iad rium neo-taing; Thuirt mi fhìn ri té bha thall, Gu robh mi call mo mhisneach. 'S bha na waiters cho trang, Betsy Mhór ac' air an ceann; Carson a bhiodh gnothaichean gann? Cha b' e àm an earraich e. 'S bha iad ann às gach àit', Aonghus Cìobair 's MacAoidh, Dà Mhac'Illfhinnein agus Sam; 'S càit' an d'fhàg sibh Jamieson?