Back to recordings
Tha mi fo chùram
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF030i05N THA MI FO CHÙRAM
Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil
[Séist:] Tha mi fo chùram, fo mhóran cùram,
Tha mi fo chùram, 's mo rùn 'gam thréigsinn.
Mo cheist an t-uasal chaidh seachad suas oirnn,
Le bhreacan guailleadh Diluain na Féilleadh.
Mo cheist an t-òigfhear as gile bhòidhchead,
An-diugh a' seòladh air cuan na h-Éireann.
Mo cheist a' fìdhlear a sheinneas ruidhleadh,
Tha an-diugh 'ga dhìthteadh le fianais bhréigeadh [bhréige]
Cha dèan mi sgrìobhadh na peann cho dìreach,
Leis mar a tha m' inntinne roimh-chéile.
Tha mi fo mhìngein 's mi an iomall tìreadh,
'S nach fhaigh mi sgrìobhadh a dh'ionnsadh m' eudail.