GF030i05N THA MI FO CHÙRAM Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil [Séist:] Tha mi fo chùram, fo mhóran cùram, Tha mi fo chùram, 's mo rùn 'gam thréigsinn. Mo cheist an t-uasal chaidh seachad suas oirnn, Le bhreacan guailleadh Diluain na Féilleadh. Mo cheist an t-òigfhear as gile bhòidhchead, An-diugh a' seòladh air cuan na h-Éireann. Mo cheist a' fìdhlear a sheinneas ruidhleadh, Tha an-diugh 'ga dhìthteadh le fianais bhréigeadh [bhréige] Cha dèan mi sgrìobhadh na peann cho dìreach, Leis mar a tha m' inntinne roimh-chéile. Tha mi fo mhìngein 's mi an iomall tìreadh, 'S nach fhaigh mi sgrìobhadh a dh'ionnsadh m' eudail.