Deoch slàinte luchd nam breacanan
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF030i04N DEOCH SLÀINTE LUCHD NAM BREACANAN
Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil
Bàrd: Dòmhnall Alasdair 'ic Iain Bhàin | Donald
[...] election ann. Fear shuas ann an Sìudaig, rinn e òran dha. Bha beagan cheathramhan air choireigin dheth agam-as. 'S ann air fonnan a chuir e e.
Deoch slàinte luchd nam breacanan,
B' e chuir mu 'n chuairt a b' fheàirrde leinn;
Gun òlamaid gu sgairteil e,
Air fharsaigneachd a' chruadail.
'S an cuala sibh gu shaoradh e,
Election bhith DiarDaoin againn;
'S a' lagh a rinn na daoine sin,
Gu fear mo ghaoil thoirt bhuam-sa.
'S ma tha cron na gòraich ann,
Có agaibh nach oladh ás;
Dh'aindeoin 'ur cuid bhòtaichean,
Ri Mac an Tòisich buanntachd.
'S òlaidh mi gun teagamh e,
Carson a nì mi a chleith oirbh;
Gur tric a thug e leigeadh dhomh,
B'e an cleasaich' e air uairibh.
'S gur math an t-àm a gheamhraich e,
Gum bi e air na bainnsean ac';
Tha e math do sheann duine,
Gun cuir e greann o'n fhuachd dhiubh.
'S tha e math do chailleachan uireasbhach,
Nach dèan de dh'fheum ach turraman;
Gu 'm b' fheàirrde iad nan cuislean,
Ga fuil a chuir air ghluasad.