GF030i04N DEOCH SLÀINTE LUCHD NAM BREACANAN Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil Bàrd: Dòmhnall Alasdair 'ic Iain Bhàin | Donald [...] election ann. Fear shuas ann an Sìudaig, rinn e òran dha. Bha beagan cheathramhan air choireigin dheth agam-as. 'S ann air fonnan a chuir e e. Deoch slàinte luchd nam breacanan, B' e chuir mu 'n chuairt a b' fheàirrde leinn; Gun òlamaid gu sgairteil e, Air fharsaigneachd a' chruadail. 'S an cuala sibh gu shaoradh e, Election bhith DiarDaoin againn; 'S a' lagh a rinn na daoine sin, Gu fear mo ghaoil thoirt bhuam-sa. 'S ma tha cron na gòraich ann, Có agaibh nach oladh ás; Dh'aindeoin 'ur cuid bhòtaichean, Ri Mac an Tòisich buanntachd. 'S òlaidh mi gun teagamh e, Carson a nì mi a chleith oirbh; Gur tric a thug e leigeadh dhomh, B'e an cleasaich' e air uairibh. 'S gur math an t-àm a gheamhraich e, Gum bi e air na bainnsean ac'; Tha e math do sheann duine, Gun cuir e greann o'n fhuachd dhiubh. 'S tha e math do chailleachan uireasbhach, Nach dèan de dh'fheum ach turraman; Gu 'm b' fheàirrde iad nan cuislean, Ga fuil a chuir air ghluasad.