GF029i09 ÒRAN ÒIL Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil Shìos an t-sràid, 's mi 'dol dhachaidh 'S mi 'faireachdainn neònach Mi mar bhó air a h-aineoil Ann an talamh gun eòlas Seachad seòmar nan uinneag, Thàinig cruinneag dha 'm chomhair ann Dh'éibh i fàilt' a' sin suas, "Is fhad bho'n uair sin a Dhòmhnaill, 'S nach dean thu [stàn/stad?]" Thuirt i rium gum bu chóir dhomh A dhol à sheòmbar nan uinneag Far a robh ceòl agus danns', Iomadh seòrs' agus iomairt Agus [tadhanan?] òil Is bith tu Dhòmhnaill air [bhiorag?] Mun tig thu 'mach. 'S ann a dh'iarr mi stob na do ghlainne Feuch a fanadh 'ad samhach Bho 'n a bha toil agam [m' ainm?] Fhaodainn glan a's a' [lann?] Cha robh sporan na airgead Nach do dh'fhalbh aig na méirlich A rinn mo bhrath 'S ann a dh'éirich mi [mar saor?] Is bhuail mi breab air an ùrlar Is thuirt mi riuth' as a t-seasamh Gur e peasan a spùill mi. Cha do [char e?] nam dhòrn 'S ann a bha pòca do [choinneadh? caomhnadh nochdadh?] [?] [òran iad/meòirean ud?] 'Ad a [shròl?] agus [rùsg?] le fear mu seach. Dh'éirich [luch/luchd?] air a [lochdan? ghlacan?] 'S ann a ghlac e mo sgòrnan Is thuirt e rium, "Bi 'dol dhachaidh" Neo gun tachadh e beò mi. [BREAK IN TAPE?] 'S rinn e tionndadh a bha [gum?] [Fhuair/bhuail?] mi [lachaid/lochar?] 's an t-sròin [dhuibh/dhaibh?] Chuir siud teas ann am [pothrail?] Is bàrr mo shròin air a lùbadh E garrach, glas.