Òran do Chottage Hill
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF028i04 ÒRAN DO CHOTTAGE HILL
Beulaiche: Steafan Ruairidh Mhìcheil Steafain | Stephen R. MacNeil
Bàrd: Màiri Lucy ni' n Mhìcheil Stephain Ruairidh Dhòmhnuill Òig | Mary Lucy Gillis
Séist: Na cnuic 's na glinn bu bhòidhche leinn
'S e cnuic is glinn a' Bhràighidh,
Gur tric bha sinn ri mànran binn,
'S a chomunn ghrinn a b'fheàrr leinn.
An Cnoc do 'n deanainn rannanan
Na 'm b' aithne dhomh bhith bàrdail,
'S e 'n Cnoc air bheil mo dhachaidh fhéin,
'S gun cnoc 's an tìr as fheàrr leam.
Cha b' ann a chaidh mo thogail suas -
Cha 'n fhuadaich sin mo bhàidh ris;
Gum b-òg a ghluais mi ann le luaidh -
Cha 'n fhuaraich sin mo ghràdh ris.
Am maise bhuan agua an snuadh
Gu 'n d' fhuair a buaidh o Nàdur;
Gur truagh leam fhéin cion labhairt cinn
Gu aithris crìch is àille.
Mu bràigh a' Chnuic tha pàircean réidh
Far am bheil stéidh na fàrdaich,
Mu chuairt tha fonn is coille throm
A' comhdach bonn an àite
Tha gleann air chùl air bheil mo rùn
Le abhainn chùbhraidh, àlainn,
Is lochan fhéin 's a' chluaineig réidh,
'S gun d' thug mi spéis thar chàch dhaibh
Air chùl a' ghlinn, o 'n ear gun iar,
A' bheinn 's gur ciatach, àrd i,
'S i comhdaicht' suas le coille chruaidh,
An àm an fhuachd nì blàths dhuinn.
Air aghaidh sìos tha còmhnaidh dlùth
Far am bheil grunn dhe 'm chàirdean
'S gu 'm faic mi null fad shealladh sùil
An Cùl 's an deachaidh m' àrach
A' tionndadh sìos gu t-Acarsaid
Tha sealladh thar an t-sàile
Far 'n tric bhios fuaim air bhàrr nan stuadh
Nuair a chruinneachas sluagh le bàta.
'N am comhdachadh na coill' as ùr,
Nuair dh' fhàsas flùir gun àireamh,
Ged bhithmaid sgìth a' cur an t-sil,
Gur brìgheil thig am bàrr dheth.
Gur binn an ceòl bhios aig na h-eòin
'S a' choille dhlùthail làmh ruinn;
'S a' mhaduinn chiùin 'n tog an driuchd,
Gur muirneach leam a gàirich.
Nuair thig an sneachd', 's a' ghaoth tuath
'S a fhuadach anns gach àite,
Gur beag de sprochd bhios air a' chnoc -
O 's seasgair, socair, blàth e.
'S ged a leannainn air as ùr,
Cha chuir mi chliù na 's àirde;
Ma théid sibh leam gu seall mi dhuibh
Gach cùl is raon mar tha iad.
O sud an cnoc air bheil mo rùn,
'S mo dhùrachdsa gu bràth leis,
'S ged shiubhlainnsa gach cnoc 's an tìr
'S e Chottage Hill mo ghràdh dhiubh.
Reference sources:
Fad air Falbh ás Innse Gall | Beyond the Hebrides, ed. Donald Fergusson et al (1977), p. 225