GF028i04 ÒRAN DO CHOTTAGE HILL Beulaiche: Steafan Ruairidh Mhìcheil Steafain | Stephen R. MacNeil Bàrd: Màiri Lucy ni' n Mhìcheil Stephain Ruairidh Dhòmhnuill Òig | Mary Lucy Gillis Séist: Na cnuic 's na glinn bu bhòidhche leinn 'S e cnuic is glinn a' Bhràighidh, Gur tric bha sinn ri mànran binn, 'S a chomunn ghrinn a b'fheàrr leinn. An Cnoc do 'n deanainn rannanan Na 'm b' aithne dhomh bhith bàrdail, 'S e 'n Cnoc air bheil mo dhachaidh fhéin, 'S gun cnoc 's an tìr as fheàrr leam. Cha b' ann a chaidh mo thogail suas - Cha 'n fhuadaich sin mo bhàidh ris; Gum b-òg a ghluais mi ann le luaidh - Cha 'n fhuaraich sin mo ghràdh ris. Am maise bhuan agua an snuadh Gu 'n d' fhuair a buaidh o Nàdur; Gur truagh leam fhéin cion labhairt cinn Gu aithris crìch is àille. Mu bràigh a' Chnuic tha pàircean réidh Far am bheil stéidh na fàrdaich, Mu chuairt tha fonn is coille throm A' comhdach bonn an àite Tha gleann air chùl air bheil mo rùn Le abhainn chùbhraidh, àlainn, Is lochan fhéin 's a' chluaineig réidh, 'S gun d' thug mi spéis thar chàch dhaibh Air chùl a' ghlinn, o 'n ear gun iar, A' bheinn 's gur ciatach, àrd i, 'S i comhdaicht' suas le coille chruaidh, An àm an fhuachd nì blàths dhuinn. Air aghaidh sìos tha còmhnaidh dlùth Far am bheil grunn dhe 'm chàirdean 'S gu 'm faic mi null fad shealladh sùil An Cùl 's an deachaidh m' àrach A' tionndadh sìos gu t-Acarsaid Tha sealladh thar an t-sàile Far 'n tric bhios fuaim air bhàrr nan stuadh Nuair a chruinneachas sluagh le bàta. 'N am comhdachadh na coill' as ùr, Nuair dh' fhàsas flùir gun àireamh, Ged bhithmaid sgìth a' cur an t-sil, Gur brìgheil thig am bàrr dheth. Gur binn an ceòl bhios aig na h-eòin 'S a' choille dhlùthail làmh ruinn; 'S a' mhaduinn chiùin 'n tog an driuchd, Gur muirneach leam a gàirich. Nuair thig an sneachd', 's a' ghaoth tuath 'S a fhuadach anns gach àite, Gur beag de sprochd bhios air a' chnoc - O 's seasgair, socair, blàth e. 'S ged a leannainn air as ùr, Cha chuir mi chliù na 's àirde; Ma théid sibh leam gu seall mi dhuibh Gach cùl is raon mar tha iad. O sud an cnoc air bheil mo rùn, 'S mo dhùrachdsa gu bràth leis, 'S ged shiubhlainnsa gach cnoc 's an tìr 'S e Chottage Hill mo ghràdh dhiubh.