GF026i03 DH'ÒLAINN DEOCH Á LÀIMH MO RÙIN Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod Chì mi long a mach an caolas, Tha mo ghaol innte fo siùil. [Séist:] Dh'òlainn deoch á làimh mo rùin, Deoch slàinte le Fear an Tùir; Dh'òlainn deoch á làimh mo rùin. Nuair a chunnaic mi air sàl i Dh'aithnich mi 'n long bhàn 's an criù. Dh'aithnich mi fo cuid bhratach, A buill-bheirte 's a' chàirt-iùil. Dh'òlainn deoch-slàinte mo thighearn', Nuair a dh'fhiathaich e mi null. Dh'òlainn deoch-slàinte Rìgh Sheumais, M'eudail air MacDhòmhnaill Ghuirm. 'S dh'òlainn deoch slàint' MhicIllEathain, Mac na mnatha choisinn cliù. Sgiobair 'na shuidh air a hatch, 'S a' làmh a' sgapadh nan crùn. Ged tha mi 'n seo an Cola, B' e mo thoil a dhol a Rùm. Rachainn ás a sin do dh'Uibhist [Ach mo ghuidhe a dhol leam?] Coimhead iomadh [gùn?] nam maighdeann, Togadh na h-oighre air a glùin.