Leis a' Mhaighdinn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF026i02 LEIS A' MHAIGHDINN
Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod
[Seo an geamhradh] o hì,
Chuir an call oirnn, o hó;
Soitheach Frangach, o hì,
Chaidh air chall air Ceap George.
Séist: Leis a' Mhaighdinn, o hì,
Leis a' Mhaighdinn, o hò,
Beul na h-oidhcheadh, o hì,
Rinn sinn falbh le cuid sheòl.
'S ann Diluain e, o hì,
Rinn sinn gluasad, o hò;
Chaidh ar fuadach, o hì,
'S am fear uasal air bòrd.
I'll tell you now about that, if you don't, there's some, perhaps those. This was a—
[Seo an geamhradh] o hì,
Chuir an call oirnn, o hó;
Soitheach Frangach, o hì,
Chaidh air chall air Ceap George.
'S ann Diluain e, o hì,
Rinn sinn gluasad, o hò;
Chaidh ar fuadach, o hì,
'S am fear uasal air bòrd.
Thuirt mo mhàthair, o hì,
'S cianail tha mi, o hò'
Caoidh mo bhràithrean, o hì,
'S fear no dhà dhiubh air bòrd.
'S thuirt an sgiobair, o hì,
Ri chuid ghillean, o hò;
"Glacaibh misneach, o hì,
'S cuiribh reefs 'n a cuid shèol"
Broidse diamond, o hì,
'M broilleach maighdinn, o hò;
Beul a' choibhneis, o hì,
Nach dean foill do neach tha beò.