GF026i02 LEIS A' MHAIGHDINN Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod [Seo an geamhradh] o hì, Chuir an call oirnn, o hó; Soitheach Frangach, o hì, Chaidh air chall air Ceap George. Séist: Leis a' Mhaighdinn, o hì, Leis a' Mhaighdinn, o hò, Beul na h-oidhcheadh, o hì, Rinn sinn falbh le cuid sheòl. 'S ann Diluain e, o hì, Rinn sinn gluasad, o hò; Chaidh ar fuadach, o hì, 'S am fear uasal air bòrd. I'll tell you now about that, if you don't, there's some, perhaps those. This was a— [Seo an geamhradh] o hì, Chuir an call oirnn, o hó; Soitheach Frangach, o hì, Chaidh air chall air Ceap George. 'S ann Diluain e, o hì, Rinn sinn gluasad, o hò; Chaidh ar fuadach, o hì, 'S am fear uasal air bòrd. Thuirt mo mhàthair, o hì, 'S cianail tha mi, o hò' Caoidh mo bhràithrean, o hì, 'S fear no dhà dhiubh air bòrd. 'S thuirt an sgiobair, o hì, Ri chuid ghillean, o hò; "Glacaibh misneach, o hì, 'S cuiribh reefs 'n a cuid shèol" Broidse diamond, o hì, 'M broilleach maighdinn, o hò; Beul a' choibhneis, o hì, Nach dean foill do neach tha beò.