Òran do dh'Aonghas Ghilleasbuig Fhearchair (le ro-ràdh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF022i08N ÒRAN DO DH'AONGHAS GHILLEASBUIG FHEARCHAIR
Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan
Bard: Dòmhnall Thormaid 'ic Ruairidh 'ic Mhìcheil | Donald Norman MacDonald
Bha Aonghas Ghilleasbuig Fhearchair na dhuine ceutach, ciùin na dhòighean. Bheireadh tu gur e duine car socrach a bh' ann. Cha robh cur a-mach aige air fhéin, mar a th' aig feadhainn. Ach dh'fhaodadh tu falbh air ge bi gu dé theireadh e. Nuair a dh' innseadh e naidheachd, bheireadh e dhut facal air an fhacal mar a bh' ann agus mar a chunnaic e. Rinn am bàrd òran air bruidhinn Aonghais agus seo mar a bha e 'falbh. Chan eil agam ach aon cheathramh dheth.
Nuair a bha mi réidh dhe 'n bhriogais,
Ghléidh mi minidh crom;
Na piseagan a' cleasachd,
Iseabail 's an allt;
Chaidh mi sìos dhan t-sabhail,
Tud do bheòthachan ann;
'S ann a chaidh mi mach dhan phasture,
Is bha an cat glas air feans' an fhaing.