GF022i08N ÒRAN DO DH'AONGHAS GHILLEASBUIG FHEARCHAIR Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan Bard: Dòmhnall Thormaid 'ic Ruairidh 'ic Mhìcheil | Donald Norman MacDonald Bha Aonghas Ghilleasbuig Fhearchair na dhuine ceutach, ciùin na dhòighean. Bheireadh tu gur e duine car socrach a bh' ann. Cha robh cur a-mach aige air fhéin, mar a th' aig feadhainn. Ach dh'fhaodadh tu falbh air ge bi gu dé theireadh e. Nuair a dh' innseadh e naidheachd, bheireadh e dhut facal air an fhacal mar a bh' ann agus mar a chunnaic e. Rinn am bàrd òran air bruidhinn Aonghais agus seo mar a bha e 'falbh. Chan eil agam ach aon cheathramh dheth. Nuair a bha mi réidh dhe 'n bhriogais, Ghléidh mi minidh crom; Na piseagan a' cleasachd, Iseabail 's an allt; Chaidh mi sìos dhan t-sabhail, Tud do bheòthachan ann; 'S ann a chaidh mi mach dhan phasture, Is bha an cat glas air feans' an fhaing.