Back to recordings
Catrìona Òg
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF021i04N CATRÌONA ÒG
Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin
O Catrìon' Òg, 's tu a rinn mo leòn,
'S tu dh'fhàg fo bhròn, 's fo mhulad mi;
Chan ith mi biadh, 's cha dean mi gnìomh,
Cha mharbh mi fiadh, chan urrainn mi.
O thug mi làmh air mo ghunna caol,
'S gun do thilg mi riochd na' tunnagan;
O thug mi làmh air mo ghunna caol,
S gun do thilg mi riochd na' tunnagan.
O Catrìon' Òg, 's tu a rinn mo leòn
'S a dh' fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi
Chan ith mi biadh, cha mharbh mi fiadh—