GF021i04N CATRÌONA ÒG Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin O Catrìon' Òg, 's tu a rinn mo leòn, 'S tu dh'fhàg fo bhròn, 's fo mhulad mi; Chan ith mi biadh, 's cha dean mi gnìomh, Cha mharbh mi fiadh, chan urrainn mi. O thug mi làmh air mo ghunna caol, 'S gun do thilg mi riochd na' tunnagan; O thug mi làmh air mo ghunna caol, S gun do thilg mi riochd na' tunnagan. O Catrìon' Òg, 's tu a rinn mo leòn 'S a dh' fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi Chan ith mi biadh, cha mharbh mi fiadh—