Back to recordings
Tha mi 'n-diugh gu tinn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF020i03 THA MI 'N-DIUGH GU TINN
Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin
Séist: Tha mi 'n diugh gu tinn 's bha mi raoir ag òl,
Le goirteas mo chinn, chan eil mi air dòigh,
Tha mi 'n diugh gu tinn ' s bha mi raoir ag òl.
Bha mi raoir air bainis, ag òl is a' caithris,
Dh'òl mi an stuth làidir gus an do dh'fhàs mi òg.
'S nuair a thàinig mise dhachaidh, shìn mi air na cearcan,
Fhuair a' bhean am bata is chraig i mi 'san t-sròin.
'S nuair a thàinig an làir, fhuair mi each is dìollaid,
Shìn mi ás deaghaidh Màiri, feuch a' faighinn pòg.