GF020i03 THA MI 'N-DIUGH GU TINN Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Séist: Tha mi 'n diugh gu tinn 's bha mi raoir ag òl, Le goirteas mo chinn, chan eil mi air dòigh, Tha mi 'n diugh gu tinn ' s bha mi raoir ag òl. Bha mi raoir air bainis, ag òl is a' caithris, Dh'òl mi an stuth làidir gus an do dh'fhàs mi òg. 'S nuair a thàinig mise dhachaidh, shìn mi air na cearcan, Fhuair a' bhean am bata is chraig i mi 'san t-sròin. 'S nuair a thàinig an làir, fhuair mi each is dìollaid, Shìn mi ás deaghaidh Màiri, feuch a' faighinn pòg.