Back to recordings

An oidhche a bha bainis an taigh Choinnich Dhuinn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF019i05 AN OIDHCHE BHA 'BHAINIS 'AN TAIGH CHOINNICH DHUINN


Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin



Peter Rankin: Cho fad 's fhiosrach mi 's e Peutanach sìos teann air Màbu, sìos rathad na h-acarsaid. Bha a' banais an taigh Choinnich Dhuinn. An cuir sinn air e?


John Shaw: Cuiridh


PR: An oidhche a bha 'bhainis an taigh Choinnich Dhuinn,
'S ann chunnaic mi 'chaileag bu taitneach leam;
A dhannsadh gu loinneil ‘s a sheinneadh gu binn,
Bha mise mu coinneamh 's mi 'togail an fhuinn.


Gabh mo leisgeul bha màgan san amhach agam.


Nuair a thàinig sinn 'mach bho fàsach nam beann,
Bha solast na gealaich cho geal fos ar cionn;
’S gun d'thug mise mo ghealladh ma rachainn dhan chìll,
Gum biodh a' chaileag na bean agam fhìn.


Bhon d'thàinig a' Challainn bha ise nam rùn,
Cha robh i cho taitneach na idir cho binn;
'S a bha i mum choinneamh an taigh Choinnich Dhuinn.


'S ann dé bha i connas ri bean Choinnich Dhuinn,
Thug Anna dhith mullach a' churraic le sgrìob;
Gu bheil plòidh air an talamh 's chan abair mi bìd,
Chan eil fàth dhomh bhith gearan mun bhean agam fhìn.


Bho mhadainn gu feasgar cha dheasaich i nì,
Bho dhoras gu doras a' conast gun strì;
'S ma tha i na h-aingeal 's ann air an taobh chlì,
Gu bheil fhios aig a' bhaile nach math i dhomh fhéin.


Bean Choinnich Dhuinn. Ach tha màgan still 'san amhach agamas.


JS: Uell, cliaraidh sinn ás e. Agus có rinn an t-òran a bha sin a-rithist?


PR: Gheobh mi mach bho, dh'fhaoidte, cuideigin ann an Inbhirnis, agus gheobh mi ann an touch có—Bidh thu mun cuairt agus—?


JS: Ò bithidh.


PR: 'S e cuideigin a bha càirdeach do bhana-Chaimbeulach, Éilidh Ann Campbell. An cuala tu riamh mu dheidhinn Shorty Campbell á Halifacs, iad sin? Archie Campbell, iad sin. Cuideigin a bha càirdeach do bhana-Chaimbeulach a bha pòsd' aig uncle dhomhsa, Uncle Angus. 'S e seann òran a th' ann a dh'ionnsaich mi bho Aonghas Mór Dhonnchaidh Bhig, mo sheanair, athair Father Peter a bha an Creignis.


Peter Rankin
Port Bàn | Port Ban 20 recordings Faic pròifil | view profile