GF019i05 AN OIDHCHE BHA 'BHAINIS 'AN TAIGH CHOINNICH DHUINN Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Peter Rankin: Cho fad 's fhiosrach mi 's e Peutanach sìos teann air Màbu, sìos rathad na h-acarsaid. Bha a' banais an taigh Choinnich Dhuinn. An cuir sinn air e? John Shaw: Cuiridh PR: An oidhche a bha 'bhainis an taigh Choinnich Dhuinn, 'S ann chunnaic mi 'chaileag bu taitneach leam; A dhannsadh gu loinneil ‘s a sheinneadh gu binn, Bha mise mu coinneamh 's mi 'togail an fhuinn. Gabh mo leisgeul bha màgan san amhach agam. Nuair a thàinig sinn 'mach bho fàsach nam beann, Bha solast na gealaich cho geal fos ar cionn; ’S gun d'thug mise mo ghealladh ma rachainn dhan chìll, Gum biodh a' chaileag na bean agam fhìn. Bhon d'thàinig a' Challainn bha ise nam rùn, Cha robh i cho taitneach na idir cho binn; 'S a bha i mum choinneamh an taigh Choinnich Dhuinn. 'S ann dé bha i connas ri bean Choinnich Dhuinn, Thug Anna dhith mullach a' churraic le sgrìob; Gu bheil plòidh air an talamh 's chan abair mi bìd, Chan eil fàth dhomh bhith gearan mun bhean agam fhìn. Bho mhadainn gu feasgar cha dheasaich i nì, Bho dhoras gu doras a' conast gun strì; 'S ma tha i na h-aingeal 's ann air an taobh chlì, Gu bheil fhios aig a' bhaile nach math i dhomh fhéin. Bean Choinnich Dhuinn. Ach tha màgan still 'san amhach agamas. JS: Uell, cliaraidh sinn ás e. Agus có rinn an t-òran a bha sin a-rithist? PR: Gheobh mi mach bho, dh'fhaoidte, cuideigin ann an Inbhirnis, agus gheobh mi ann an touch có—Bidh thu mun cuairt agus—? JS: Ò bithidh. PR: 'S e cuideigin a bha càirdeach do bhana-Chaimbeulach, Éilidh Ann Campbell. An cuala tu riamh mu dheidhinn Shorty Campbell á Halifacs, iad sin? Archie Campbell, iad sin. Cuideigin a bha càirdeach do bhana-Chaimbeulach a bha pòsd' aig uncle dhomhsa, Uncle Angus. 'S e seann òran a th' ann a dh'ionnsaich mi bho Aonghas Mór Dhonnchaidh Bhig, mo sheanair, athair Father Peter a bha an Creignis.