Back to recordings

Òran air each ann am Màbu

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF019i04 ÒRAN AIR EACH ANN AM MÀBU


Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin
Bárd: Somhairle Aonghais | Sam Nicholson



'S ann mu dheidhinn seann each a bh' aig cuideigin agus reic e an t-each, cha chreid mi, agus fhuair e, mar an d'thuirt a' fear eile, poidhle do abuse. Agus chaidh òran a dheanamh mar a thachair dhan each dar a dh'fhàs e seann. Agus bha e mar seo:


'S gu robh mi làn acain tàmailt—


'S gu robh mi làn acain tàmailt,
Do dh'each a bha 'm Màbu,
Nuair a rachainn ann 's na harness,
'S mi gun cumadh àrd mo cheann.


Séist: Hi ho ro 's gur mi tha fann,
Mo chridhe briste, brùidhteach, trom,
Hi o ro gur mi tha fann.


Peter Rankin: Tha e na car ait, na verses aige. Agus am feuch sinn e?


John Shaw: Feuchaidh


PR: Ok, tha an gnothach air, eh?


JS: Tha.


Séist: 'S hi ho ro 's gur mi tha fann,
Mo chridhe briste, brùidhteach, trom,
Hi o ro 's gur mi tha fann.


PR: [A' casadaich] Gabh mo leisgeul.


'S gu robh mi làn acain tàmailt,
Do dh'each a bha 'm Màbu,
Nuair a rachainn ann 's na harness,
'S mi gun cumadh àrd mo cheann.


'S na faighinn-sa mo bhiathadh,
Dheanainn treabhadh agus cliathadh,
Anns a' phìos as fhaide shìos,
Ged tha mi beagan liath mun cheann.


'S cha chuir iad brat orm san oidhche,
Na mo chìreadh anns a' mhadainn,
Ach mo leigeil 'measg na stoban,
Sgrìob thu fhéin a-null 's a-nall.


'S gu bheil m' fhiaclan an diugh gun tharraing,
Chan urrainn mi am feur a gheàrradh,
Ach nuair a thòiseachas mi 'ga chagnadh,
Cluinnte cracadaich 'nam cheann.


'S ioma latha a bha mi sàraicht',
'Falbh sìos taobh na léigeadh,
Le iomraich do mhàthair,
Ged bha pàirt dhe nach robh trom.


PR: Tha pàirt dhe nach eil a' siud. Agus sin agad an seann each.




Peter Rankin
Port Bàn | Port Ban 20 recordings Faic pròifil | view profile