Òran le Neil MacPhì á Rubh' an t-Seallaigh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF019i03 ÒRAN LE NEIL MACPHÌ Á RUBH' AN T-SEALLAIGH
Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin
Bàrd: Neil MacPhee
Fàil il oro fàil il ó
Fàil il oro fàil il ó
Fàil il o ro thug éileadh
Fail il e hi-riù hi-ró
Fàil il oro fàil il ó
'S ged tha mi 'san town an dràsd,
'G obair cruaidh 's a g éirigh tràth;
Smaoinich mi gun deanainn òran,
Do ghill' òg anns a' Phort Bhàn.
Sìos seachad àite Iain Bhàin,
Dh'fhairich iad fuaim a' Charryall;
Thàinig Annag mach air m' fhìrinn,
Seall air Tìneag 'sa cheann àrd.
Labhair Tildidh Iain Dhonnchaidh,
"Saoil sib' fhéin nach eil an gnothach nàir;
'S fheudar dhomhsa suidh air m'fhiaradh,
Na cha d'fhiach mi sìos 'san t-sraid."
Labhair Iain Dhonnchaidh, "Oh be damned!"
Té a chaidh a thogail 's a' Phort Bhàn;
Suidhidh dìreach mar bu chóir dhi,
Mar a dh'òrdaich Dia nan Gràs.
Sìos seachad àit' Iain Bhàn,
Ged bha ceum crùbach anns a' làir;
Ged a bha i fichead bliadhna,
Dh'fhàs i fiadhaich sìos an t-sraid.
Team notes:
Cf. Alexander Beaton, "Òran le Neil Mac a' Phì á Rubha an t-Seallaidh," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, February 12, 1972.