GF019i03 ÒRAN LE NEIL MACPHÌ Á RUBH' AN T-SEALLAIGH Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Bàrd: Neil MacPhee Fàil il oro fàil il ó Fàil il oro fàil il ó Fàil il o ro thug éileadh Fail il e hi-riù hi-ró Fàil il oro fàil il ó 'S ged tha mi 'san town an dràsd, 'G obair cruaidh 's a g éirigh tràth; Smaoinich mi gun deanainn òran, Do ghill' òg anns a' Phort Bhàn. Sìos seachad àite Iain Bhàin, Dh'fhairich iad fuaim a' Charryall; Thàinig Annag mach air m' fhìrinn, Seall air Tìneag 'sa cheann àrd. Labhair Tildidh Iain Dhonnchaidh, "Saoil sib' fhéin nach eil an gnothach nàir; 'S fheudar dhomhsa suidh air m'fhiaradh, Na cha d'fhiach mi sìos 'san t-sraid." Labhair Iain Dhonnchaidh, "Oh be damned!" Té a chaidh a thogail 's a' Phort Bhàn; Suidhidh dìreach mar bu chóir dhi, Mar a dh'òrdaich Dia nan Gràs. Sìos seachad àit' Iain Bhàn, Ged bha ceum crùbach anns a' làir; Ged a bha i fichead bliadhna, Dh'fhàs i fiadhaich sìos an t-sraid.