Di-moladh na Tì
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF019i00 DI-MÒLADH NA TÌ
Beulaiche: Seònaid ni’n Chrisdein Dhòmhnaill Mhóir Aonghais an Tàilleir | Jessie MacRae
Bàrd: Bàrd Bhaile Mhàrtainn | John MacLean
Nam faiceadh tu cailleach 'na suidh' aig na h-éibhlean
Làmh fo leth-cheann 's i a' gearan an déideadh
'S gann gun toir i dhut freagairt le réite?
Théid i mar béist mur toir thu dhi an tì
Bodach a' bhrochain bha e foghnainneach, calma
Dh'itheadh e gu soganta bonnach leth-oirlich
Faic a-nisd is flannel mu leth-cheann
Gun leighis na [?] nad chupan do tì
Gillean bha foghainneach, dìreadh na garbhlaich
Thig agus innse dhomh nisd air an aimsir
Cà' il an cailean bhios coltach ri seanmhair?
Tha i a' searg le galar na tì
Thus' a' chail' òg, ma thoisich an galair ort
Thig agus innse dhomh nis air an aimsir
Caileag bheir mi dhut a' leighis' is annchar
Òlaidh dhuinn uile seachainn an tì
Iasg na mara, bha Glaschu làn dheth
Ìm na ugh, chan eil i fuireach 's an àite
Dh'itheadh 'ad uile gun tur a' bhuntàta
Cuiridh 'ad an càise a cheannach na tì