GF019i00 DI-MÒLADH NA TÌ Beulaiche: Seònaid ni’n Chrisdein Dhòmhnaill Mhóir Aonghais an Tàilleir | Jessie MacRae Bàrd: Bàrd Bhaile Mhàrtainn | John MacLean Nam faiceadh tu cailleach 'na suidh' aig na h-éibhlean Làmh fo leth-cheann 's i a' gearan an déideadh 'S gann gun toir i dhut freagairt le réite? Théid i mar béist mur toir thu dhi an tì Bodach a' bhrochain bha e foghnainneach, calma Dh'itheadh e gu soganta bonnach leth-oirlich Faic a-nisd is flannel mu leth-cheann Gun leighis na [?] nad chupan do tì Gillean bha foghainneach, dìreadh na garbhlaich Thig agus innse dhomh nisd air an aimsir Cà' il an cailean bhios coltach ri seanmhair? Tha i a' searg le galar na tì Thus' a' chail' òg, ma thoisich an galair ort Thig agus innse dhomh nis air an aimsir Caileag bheir mi dhut a' leighis' is annchar Òlaidh dhuinn uile seachainn an tì Iasg na mara, bha Glaschu làn dheth Ìm na ugh, chan eil i fuireach 's an àite Dh'itheadh 'ad uile gun tur a' bhuntàta Cuiridh 'ad an càise a cheannach na tì