Òran á St. Rose
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF014i07N ÒRAN Á ST. ROSE
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archibald MacLellan
Bàrd: Ciorstaidh Alasdair Iseabail | Kirsty MacNeil
Tha Aonghas Pheigi ['gan/ gent ?] air fiaradh
Airson an òrain dhomh dhèanamh
Bha creideamh an deaghaidh a liathadh
'S gum bu riamh dha bhith na h-òinsich.
'S tha Aonghas Peigi 's e tha tùrsach
[Gun a bhalg séideadh?] feadh na dùthcha
'S mór a b' fhèarr dha bhi gabhail ùrnaigh
Na bhith [sùisealadh?] air òran.
'S Dòmhnall Peigi tha mo luaidh air,
'S ann a bha nàdar an duin' uasail
Nuair a chuala e mu dhuanag
'S ann a dh'iarr e duais thoirt domhsa
Dannsair thu air ùrlar
Cho math 's a gheobhar ann a's dùthaich
Cha bhiodh eagal ort no cùram
Gun cuireadh 'ad an cùil le dòrn thu
Notes (fieldnotes):
"BY SAME CIORSTAIDH NIC NILL = MACPHERSON"