GF014i07N ÒRAN Á ST. ROSE Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archibald MacLellan Bàrd: Ciorstaidh Alasdair Iseabail | Kirsty MacNeil Tha Aonghas Pheigi ['gan/ gent ?] air fiaradh Airson an òrain dhomh dhèanamh Bha creideamh an deaghaidh a liathadh 'S gum bu riamh dha bhith na h-òinsich. 'S tha Aonghas Peigi 's e tha tùrsach [Gun a bhalg séideadh?] feadh na dùthcha 'S mór a b' fhèarr dha bhi gabhail ùrnaigh Na bhith [sùisealadh?] air òran. 'S Dòmhnall Peigi tha mo luaidh air, 'S ann a bha nàdar an duin' uasail Nuair a chuala e mu dhuanag 'S ann a dh'iarr e duais thoirt domhsa Dannsair thu air ùrlar Cho math 's a gheobhar ann a's dùthaich Cha bhiodh eagal ort no cùram Gun cuireadh 'ad an cùil le dòrn thu