Back to recordings

Òran do dh'Eóghann Ruairidh Sheumais

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF014i06N ÒRAN DO DH'EÓGHANN RUAIRIDH SHEUMAIS


Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archibald MacLellan
Bàrd: Ciorstaidh Alasdair Iseabail | Kirsty MacNeil


[Archie Dan MacLellan]: —agus bha i 'na ban-bhàrd agus bha an fhearg air nach d' fhuair


[John Shaw:] Cha d' fhuair i cuireadh idir chun na bainnseadh, sheadh.


[ADML:] Cha d' fhuair. Ach co-dhiù—tha mi 'smaoineachadh [BREAK IN TAPE]—a' fonn ...


[Séist:] Mo chridhe trom 's duilich leam
'S muladach mar tha mi
Bho 'n chuir an t-òighre cùl leinn
Té ùr a' thighinn do 'n àite/'S gun deach e a-null far sàile


Tha Eoghann Ruairidh Sheumais
A' falbh air trèan a-màireach
E 'falbh a dh'iarraidh lady
'S e 'fàgail té 's an àite


Tha mise 'son a [truagh dheth?]
['S e an aona/ Dèanadh/Tighinn dha'n?]an cùis seo tha [tàmhail/tàmhachd?]
Gun d' rinn sinn curraich ùra
Bha dùil againn le Rawleigh's


Bha Ann' Dhòmhnaill 'ic Iain ann
'S dùil aice le Pàdraig
Bha Peigi Ruairidh Ailein ann
'S i 'rùsgadh a' bhuntàta


Bha Peigi Ruairidh Ailein ann
'S i 'rùsgadh a' bhuntàta
'S i 'g éigheachd, "Chan eil do rud ag éirigh ann
Ach éirigh a' bhuntàta!"


[BREAK IN TAPE]


Bha Aonghas [Nì/Nìll?] gur truagh leam
Cha d' fhuair e dheth ach fhàileadh
Bha Gilleas[buig] mac Iain 'ac Ruairidh ann
O, bha suaineach air bha gabhaidh


[BREAK IN TAPE]


—[leam?] a chuidich mi
Dha'n oighr' a fhuair oighreachd gun phàighidh
Nach tug e té bho'n dùnan
A dhùbladh an càirdeas.


[BREAK IN TAPE]


[JS:] Agus có rinn an t-òran?


[ADML:] Miss MacNeil, an té a rinn an t-òran dha bràthair, fhios agad, nach d'thug e cuireadh dhi, fhios agad. Agus bha i 'na bàrd uamhasach math.


[JS:] An robh?


[ADML:] O, rinn i taosg de dh'òrain—


[JS:] —co ás a bha ise?


[ADML:] Bha i á St. Rose, agus—bha. Agus bha i 'na bàrd uamhasach math, rinn i taosg mór de dh'òrain.


[JS:] Seadh.


[ADML:] Ach an t-òran a rinn 'ad—o thòis' 'ad air faighinn—

Notes (fieldnotes):
"MISS. MACNEIL, ST. ROSE"

Team notes:
Cf. John Dan MacNeil, "Òran na Bainnseadh," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, May 11, 1979. That same song is instead attributed to Isabel MacNeil the sister of Kirsty MacNeil. However, this song is attributed to Kirsty MacNeil as John Shaw's fieldnotes indicated "MISS. MACNEIL, ST. ROSE" for this track and "BY SAME CIORSTAIDH NIC NILL = MACPHERSON" for the following track entitled "Òran á St. Rose."

Alec Dan MacLellan
Eilean Mhàrgaraidh | Margaree Island 8 recordings Faic pròifil | view profile