GF014i06N ÒRAN DO DH'EÓGHANN RUAIRIDH SHEUMAIS Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archibald MacLellan Bàrd: Ciorstaidh Alasdair Iseabail | Kirsty MacNeil [Archie Dan MacLellan]: —agus bha i 'na ban-bhàrd agus bha an fhearg air nach d' fhuair [John Shaw:] Cha d' fhuair i cuireadh idir chun na bainnseadh, sheadh. [ADML:] Cha d' fhuair. Ach co-dhiù—tha mi 'smaoineachadh [BREAK IN TAPE]—a' fonn ... [Séist:] Mo chridhe trom 's duilich leam 'S muladach mar tha mi Bho 'n chuir an t-òighre cùl leinn Té ùr a' thighinn do 'n àite/'S gun deach e a-null far sàile Tha Eoghann Ruairidh Sheumais A' falbh air trèan a-màireach E 'falbh a dh'iarraidh lady 'S e 'fàgail té 's an àite Tha mise 'son a [truagh dheth?] ['S e an aona/ Dèanadh/Tighinn dha'n?]an cùis seo tha [tàmhail/tàmhachd?] Gun d' rinn sinn curraich ùra Bha dùil againn le Rawleigh's Bha Ann' Dhòmhnaill 'ic Iain ann 'S dùil aice le Pàdraig Bha Peigi Ruairidh Ailein ann 'S i 'rùsgadh a' bhuntàta Bha Peigi Ruairidh Ailein ann 'S i 'rùsgadh a' bhuntàta 'S i 'g éigheachd, "Chan eil do rud ag éirigh ann Ach éirigh a' bhuntàta!" [BREAK IN TAPE] Bha Aonghas [Nì/Nìll?] gur truagh leam Cha d' fhuair e dheth ach fhàileadh Bha Gilleas[buig] mac Iain 'ac Ruairidh ann O, bha suaineach air bha gabhaidh [BREAK IN TAPE] —[leam?] a chuidich mi Dha'n oighr' a fhuair oighreachd gun phàighidh Nach tug e té bho'n dùnan A dhùbladh an càirdeas. [BREAK IN TAPE] [JS:] Agus có rinn an t-òran? [ADML:] Miss MacNeil, an té a rinn an t-òran dha bràthair, fhios agad, nach d'thug e cuireadh dhi, fhios agad. Agus bha i 'na bàrd uamhasach math. [JS:] An robh? [ADML:] O, rinn i taosg de dh'òrain— [JS:] —co ás a bha ise? [ADML:] Bha i á St. Rose, agus—bha. Agus bha i 'na bàrd uamhasach math, rinn i taosg mór de dh'òrain. [JS:] Seadh. [ADML:] Ach an t-òran a rinn 'ad—o thòis' 'ad air faighinn—